Follow

@Jngorria @Ainhoacoci y eso de que aprendiste Gaélico...
yo tomé 7 y dos de agua de dioses 😍 😍😍🤘

An Coineachan
Canción de cuna

(Sèist)
Hó-bhan, hó-bhan, Goiridh òg O,
Goiridh òg O, Goiridh òg O;
Hó-bhan, hó-bhan, Goiridh òg O,
Gu'n dh'fhalbh mo ghaoil 's gu'n dh'fhàg e mi.

Dh'fhàg mi 'n so 'na shìneadh e,
'Na shìneadh e, 'na shìneadh e;
Gu'n d'fhàg mi 'n so 'na shìneadh e
'Nuair dh'fhalbh mi 'bhuain nam braoilegan.

(Sèist)

Fhuair mi lorg an dóbhrain duinn,
An dóbhrain duinn, an dóbhrain duinn,
Gu'n d'fhuair mi lorg an dóbhrain duinn;
'S cha d' fhuair mi lorg mo chóineachain!

(Sèist)

Fhuair mi lorg na h-eal' air an t-snàmh,
Na h-eal' air an t-snàmh, 'na h-eal' air an t-snàmh
Gu'n d'fhuair mi lorg na h-eal' air an t-snàmh;
'S cha d'fhuair mi lorg mo chóineachain!

(Sèist)

Fhuair mi lorg an laoigh bhric dheirg,
An laoigh bhric dheirg, an laoigh bhric dheirg;
Gu'n d 'fhuair mi lorg an laoigh bhric dheirg,
'S cha d'fhuair mi lorg mo chóineachain!

(Sèist)

Fhuair mi lorg a' cheò 'sa 'bheinn,
A' cheò 'sa bheinn, a' cheò 'sa bheinn;
'S ged' fhuair mi lorg a' cheò 'sa bheinn;
Cha d'fhuair mi lorg mo chóineachain.

(Sèist)

Sign in to participate in the conversation
Qoto Mastodon

QOTO: Question Others to Teach Ourselves
An inclusive, Academic Freedom, instance
All cultures welcome.
Hate speech and harassment strictly forbidden.